GàidhligEnglish

The Board’s Structure Raon-ùghdarrais MG ALBA

The Board comprises a Chairman and up to 11 other members. Members are appointed for fixed terms by Ofcom with the approval of the Secretary of State. The Chief Executive is appointed by the Board.

Remit

MG ALBA’s remit is set out in the Communications Act 2003, the Broadcasting Act 1990 and the Broadcasting Act 1996.

It is the board’s duty to develop high-level strategy and to devise, revise and recommend policies and practices that will enable MG ALBA’s strategic goals to be realised.

In addition to consideration of overarching strategic objectives, the Board will also assess the principles that govern operational areas such as funding, projects, training, resources, outsourced services, consumer needs and stakeholder relations.

Rules governing the conduct of MG ALBA Board and Committee business are set out in the Standing Orders.

Responsibilities of the Chairman

The Chairman, on advice from the Chief Executive, has particular responsibility for providing leadership on matters such as:

  • - formulating MG ALBA’s strategy for discharging its statutory duties;
  • - representing the views of MG ALBA;
  • - encouraging high standards of propriety;
  • - promoting efficient and effective use of staff and other resources throughout the organisation; and
  • - providing an assessment of the performance of individual Members should they be considered for re-appointment to MG ALBA or appointment to the Board of another public body.
The Chairman will ensure that MG ALBA meets regularly throughout the year and that the minutes of meetings accurately record decisions taken.

Responsibilities of Members

The responsibilities of Members include:

  • - the discharge of their duties under the Communications Act 2003 and any supplementary legislation or Orders thereto;
  • - establishing the policy and resource framework for the operation of MG ALBA and the overall strategic direction of the organisation within that framework;
  • - ensuring that the highest standards of corporate governance are observed at all times; and
  • - ensuring that MG ALBA operates within the limits of its statutory authority and that staff operate within the limits of delegated authority.
The Chairman and Members are bound by MG ALBA’s Members’ Code of Conduct.

Role of Committees

The Standing Orders provide for the establishment of an Audit and Assurance Committee and Remuneration Committee, and allow for the establishment such other Committees as the Board considers necessary.

There are currently two Committees:

Audit and Assurance Committee (which also meets as a Remuneration Committee)

Quality and Standards Committee

Tha am Bòrd air a dhèanamh suas de Chathraiche agus suas ri 11 ball eile. Tha buill air an cur an dreuchd airson ùine-shuidheachaidh le Ofcom)le aonta bho Rùnaire na Stàite. Tha an t-Àrd-Oifigear air a chur an dreuchd leis a’ Bhòrd.

Dleastanas

Tha dleastanas MG ALBA ga chur an cèill ann an Achd a’ Chonaltraidh 2003, Achd Craolaidh 1990 agus Achd Craolaidh 1996.

Tha uallach air a’ bhòrd a bhith a’ cur air dòigh ro-innleachd aig ìre àrd agus a’ dealbh, ag ath-sgrùdadh agus a’ moladh phoileasaidhean agus chleachdaidhean gus am faigh iad amasan ro-innleachdail na buidhne a choileanadh.

A thuilleadh air beachdachadh air na h-amasan ro-innleachdail iomlan nì am Bòrd measadh air na prionnsabalan a tha a’ riaghladh raointean obrachaidh mar mhaoineachadh, pròiseactan, trèanadh, goireasan, seirbheisean bho muigh, feuman luchd-cleachdaidh agus dàimh luchd-earrainn.

Tha riaghailtean mu obair Bòrd agus Comataidhean MG ALBA gan cur an cèill sna Gnàth-riaghailtean.

Dleastanas a’ Chathraiche

Tha uallach shònraichte air a’ Cathraiche, le comhairle bhon Àrd Oifigear, airson stiùireadh a thoirt mu chùisean mar:

  • - cur ri chèile ro-innleachd MG ALBA airson a dhleastanasan reachdail a choileanadh;
  • - riochdachadh beachdan MG ALBA;
  • - misneachadh ìrean àrda freagarrachd;
  • - brosnachadh cleachdadh freagarrach agus èifeachdach de ghoireasan, stòrasan agus luchd-obrach na buidhne; agus
  • - toirt measadh air coileanadh Bhall fa leth nam bithear a' beachdachadh air an cur an dreuchd a-rithist gu MG ALBA no an taghadh gu Bòrd buidheann phoblach eile.

Nì an Cathraiche cinnteach gun coinnich MG ALBA gu cunbhalach tron bhliadhna agus gum bi geàrr-chunntasan choinneamhan a' dèanamh clàradh pongail air co-dhùnaidhean.

Dleastanas nam Ball

Tha dleastanasan Bhall a' gabhail a-steach:

  • - coileanadh an dleastanasan fo Achd Conaltraidh 2003 agus reachdas no Òrdughan leasachail sam bith a thèid a chur rithe;
  • - stèidheachadh frèam poileasaidh agus stòrais airson obair MG ALBA agus stiùireadh ro-innleachdail iomlan na buidhne taobh a-staigh an fhrèam sin;
  • - dèanamh cinnteach gu bheilear daonnan a' gleidheadh nan ìrean riaghlaidh corporra as àirde; agus
  • - dèanamh cinnteach gum bi MG ALBA ag obrachadh taobh a-staigh crìochan ùghdarras reachdail agus gum bi luchd-obrach ag obrachadh taobh a-staigh crìochan ùghdarrais tiomnaichte.

Tha Cathraiche agus Buill MG ALBA fo smachd Còd Giùlain nam Ball.

Dleastanasan Chomataidhean

A rèir nan Gnàth-riaghailtean, feumaidh Comataidh Sgrùdaidh & Dearbhaidh agus Comataidh Tuarastail a bhith air an stèidheachadh, agus faodaidh comataidhean eile a bhith air an stèidheachadh mar a chì am Bòrd iomchaidh.

Aig an àm seo tha dà Chomataidh ann:

Comataidh Sgrùdaidh is Dearbhaidh (a tha cuideachd a’ coinneachadh mar Chomataidh Tuarastail)

Comataidh Inbhean