GàidhligEnglish

BBC ALBA Partnership Co-Bhanntachd BBC ALBA

MG ALBA and BBC: the partnership


MG ALBA and the BBC have established a partnership to deliver Gaelic television, radio and online services. The partnership came into effect officially on 05 August 2008 when the BBC Trust published the service licence.

The BBC ALBA television service will be available:

  • - on satellite, on SKY and Freesat, throughout the United Kingdom from 19 September 2008
  • - on cable, on Virgin Media
  • - on Freeview, in Scotland only

Programmes and other content will also be available online.

The governance structure of the partnership is illustrated in this diagram:

Governance


Sgioba ALBA


The content team, Sgioba ALBA, is led by:
  • - Margaret Mary Murray (BBC) – BBC ALBA’s Head of Service
  • - Iseabail Mactaggart (MG ALBA) – Director of Strategy and Partnership

The BBC and MG ALBA have separate responsibilities in the partnership. MG ALBA staff report to the Director of Strategy and Partnership, who in turn reports to the Chief Executive. BBC staff report to the Head of Service.

The Head of Service and Director of Strategy and Partnership work collaboratively to execute the shared vision of the partnership. They report to the BBC ALBA Joint Management Board, which is chaired by the MG ALBA chief executive.

The organisational structure of the partnership is illustrated in this diagram:

Governance Structure


Bòrd na Co-bhanntachd


Two senior executives from each partner organisation are members of Bòrd na Co-bhanntachd, the joint management board established in order to run BBC ALBA. The members are:
  • - Donald Campbell, MG ALBA Chief Executive (Chairman)
  • - Neil Graham, MG ALBA Director of Finance
  • - Allan Dickson, Head of Operations, BBC Scotland
  • - Donald Iain Brown, Head of Talent & Change, BBC Scotland

MG ALBA


MG ALBA is regulated by Ofcom and its board is appointed by Ofcom, with the agreement of the Scottish Ministers.

MG ALBA is the operating name of Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (Gaelic Media Service). The organisation’s remit, under the Communications Act 2003, is to ensure that a wide and diverse range of high quality Gaelic programmes is made available to persons in Scotland. MG ALBA sought a partnership with the BBC as the best way to fulfil this remit in the digital broadcasting age.

For more information about the BBC and the BBC Trust, visit www.bbc.co.uk

MG ALBA agus am BBC: A' Cho-bhanntachd

Tha MG ALBA agus am BBC air cobhanntachd a stèidheachadh airson seirbheisean didseatach Gàidhlig a libhrigeadh air telebhisean, rèidio agus airloidhne. Thàinig a’ chobhanntachd gu bith gu oifigeil air 5mh Lùnastal 2008 nuair a dh’fhoillsich Urras a’ BhBC an cead craolaidh.

Bidh an t-seirbheis telebhisein BBC ALBA ri fhaighinn:

  • - air saideil, air SKY agus Freesat, air feadh na Rìoghachd Aonaichte bho 19mh Sultain 2008
  • - air cabal , air Virgin Media
  • - air Freeview, ann an Alba a-mhàin,

a-rèir measadh le Urras a’ BhBC, as dèidh tionndadh gu didseatach ann an 2010/11
Bidh prògraman is stuthan a bharrachd cuideachd rim faotainn air loidhne. Chìthear structar riaghlaidh na cobhanntachd san dealbh seo:

Governance


Sgioba ALBA


Is iad stiùirichean Sgioba ALBA:
  • - Mairead Màiri Mhoireach (BBC) – Ceann Seirbheis BBC ALBA
  • - Iseabail Nic an t-Sagairt (MG ALBA) – Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd
Tha uallaichean eadar dhealaichte aig BBC agus MG ALBA sa chobhanntachd. Tha luchd obrach MG ALBA a’ freagairt do Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd, a tha a’ freagairt gu Àrd Oifigear MG ALBA. Tha luchd obrach a’ BhBC a’ freagairt dhan Cheann Seirbheis, a tha a’ freagairt ri Bòrd stiùiridh a’ BhBC ann an Alba.

Tha Ceann Seirbheis agus Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd ag obair gu dlùth ri chèile airson lèirsinn na co-bhanntachd a chur an cèill. Tha iad a’ freagairt gu Bòrd cho-bhanntachd, fo stiùir cathraiche MG ALBA. Chithear structar gnìomha na co-bhanntachd san dealbh seo:

Governance Structure


Bòrd na Co-bhanntachd

Tha dithis àrd stiùirichean bho gach buidhinn sa chobhanntachd nam buill air Bòrd na Co-bhanntachd, am bòrd a tha a’ ruith BBC ALBA. Is iad buill:
  • - Dòmhnall Caimbeul, Àrd Oifigear, MG ALBA (Cathraiche)
  • - Niall Greumach, Stiùiriche Ionmhais, MG ALBA
  • - Allan Dickson, Àrd Oifigear Obrachaidh, BBC Scotland
  • - Donald Iain Brown, Ceannard Thàlant agus Atharrachadh, BBC Scotland


MG ALBA

Tha MG ALBA ga riaghladh le Ofcom agus tha buill bòrd MG ALBA gan cur an dreuchd le Ofcom, le aonta Rùnaire na Stàite.

Is e MG ALBA ainm gnìomha Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Is e an dleastanas laghail a th’ air a’ bhuidhinn, fo Achd Chonaltraidh 2003, dèanamh cinnteach gu bheil roghainn farsaing de dheagh phrògraman Gàidhlig rim faighinn airson daoine ann an Alba. Shir MG ALBA cobhanntachd leis a’ BhBC mar an dòigh as fheàrr airson an dleastanas seo a choilionadh san linn didseataich.

Airson fiosrachadh mun BhBC agus Urras a' BhBC, faicibh www.bbc.co.uk